Scottish Writers' Centre
CCA, 350 Sauchiehall Street,
Glasgow
,
MU DHEIDHINN
Tha Ionad Sgrìobhadairean na h-Alba ag amas air a bhith na ghoireas do dh’Alba air fad, gus sgrìobhadairean a thoirt còmhla agus fiosrachadh a lìbhrigeadh mu ar cultar litreachail beòthail. Tha Ionad Sgrìobhadairean na h-Alba air a ruith le saor-thoilich a-mhà in, agus mar sin Le Sgrìobhadairean, Do Sgrìobhadairean, agus ag amas air suidheachadh a sholarachadh far am faod sgrìobhadairean coinneachadh agus beachdan is eòlas a roinn dha chèile mu cheà ird an sgrìobhaidh agus ionnsachadh bhuapasan a tha nas adhartaiche. Aig teis-meadhan sin tha na goireasan ùra agus na gnìomhachdann a tha air an cur air dòigh le taic bho Ionad nan Ealan Cho-aimsireil (CCA) ann an Glaschu, far a bheil sinn stèidhichte gu là ithreach.
Tha an cliù a th’ againn airson a bhith a’ solarachadh thachartasan gnèitheil a tha a’ brosnachadh agus a’ cruthachadh acras do litreachas a thuilleadh air cothroman airson leasachadh proifeiseanta, air leantainn air adhart le Maighstir-chlasaichean ‘Sa Phròiseas’ le sgrìobhadairean fìor-ainmeil Albannach a tha aig mullach na craoibhe nan dreuchd, biodh e na Nobhail, Dealbh-chluich no sgrìobhadh Bà rdachd, le cuimse san à m ri teachd air sgrìobhadh airson Sgrion agus Leabhraichean Èibhinn a’ còmhdach a’ phròiseis cruth-atharrachaidh.